Royal Celtic Society Arms

Comann Rìoghail Ceilteach

Fad dlùth ri 200 bliadhna tha an Comann Rìoghail Ceilteach air thoiseach san t-srìth gus taic a chumail ri cànan, litreachas, ceòl agus cultar na Gàidhealtachd ’s nan Eilean Siar. Tha an Comann a’ cumail thachartasan riaghailteach do na buill, a’ toirt seachad buinn air son feabhas an ceòl ’s an litreachas, agus a’ cuideachadh sreath farsaing de bhuidhnean a tha a’ cumail suas dualchas, cànan agus ealain na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.

 
  • 1
  • 2
  • 3
  • 4
  • 5
  • 6
  • 7

1: ‘S e ainm a’ Chomuinn An Comunn Ceilteach Rìoghail.

2: ‘S e prìomh amas a’ Chomuinn gun dìonar is gum brosnaichear ùidh ann an eachdraidh, dualchas, cànan, ealain agus ceòl na h-Alba.

3: Gus an t-amas sin a choilionadh cuiridh an Comunn iomairtean an sàs mar a chìthear freagarrach, agus gu seachd àraid bidh e-
(i) a’ foillseachadh no a’ cumail taic ri foillseachadh stuthan freagarrach, seann nithean agus nithean ùra;
(ii) a’ tairgsinn maoineachadh airgid airson cruthachadh rosg is rainn Ghàidhlig, airson sàr chruthachadh is cluich ciùil, airson sàr chomais anns na h-ealain, ceòl is gnìomhachasan ann an Alba, agus airson cliù eile a tha, ann am beachd a’ Chomuinn, airidh air moladh;
(iii) a’ cumail taic ri is a’ brosnachadh cruinneachadh, clàradh agus gleidheadh fiosrachaidh sam bith a bhuineas do phrìomh amas a’ Chomuinn.

4: ‘S iad Ceannard, triùir Iar-Cheannardan, Ionmhasair agus Rùnaire dreuchdan oifig a’ Chomuinn. Faodaidh an Ceannard agus na h-Iar-Cheannardan a bhith nan dreuchd fad trì bliadhna, bidh an t-Ionmhasair agus an Rùnaire ann fad bliadhna a-mhàin, agus faodaidh iad uile a bhith air an ath-thaghadh.

5: Thèid gnothaichean a’ Chomuinn a riaghladh le Comhairle anns am bi prìomh luchd-oifig a’ Chomuinn, agus còrr is sia buill ach gun a bhith a’ dol seachad air dà bhall dheug, a thèid ainmeachadh aig Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn.

6: Bidh Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn air a cumail air ceann-latha a thaghas a’ Chomhairle. Thèid Coinneamh Àraid a ghairm mar a chì a’ Chomhairle iomchaidh no air iarrtas sgrìobhte aig trì buill dhen Chomhairle, agus iad a’ cur an cèill adhbhar na gairm. Thèid fios air Coinneamh Choitcheann sam bith a thoirt don a h-uile ball co-dhiù seachd làithean ron Choinneimh.

7: Faodaidh ball sam bith puing-ghnothaich a thogail aig a’ Choinneimh cho fad ‘s a gheibh an Rùnaire fios ro-làimhe co-dhiù cò-latha-deug ron Choinneimh.

8: Coinnichidh a’ Chomhairle co-dhiù aon turas sa bhliadhna, air neo nas trice na sin mar a bhios iomchaidh, agus thèid coinneamhan a ghairm leis an Rùnaire air a cheann fhèin, air neo nuair a dh’iarras ball na Comhairle air tè. Cuiridh ceathrar bhall buidheann-ghnothaich air dòigh.

9: Cumaidh an t-Ionmhasair deagh rian air cunntais a’ Chomuinn, agus bheir sgrùdaiche on taobh a-muigh sùil air na cunntais a h-uile bliadhna. Thèid an sgrùdaiche ainmeachadh aig a’ Choinneimh Bhliadhnail, air neo thèid ball na Comhairle a thaghadh leis a’ Chomhairle fhèin.

10: Tha ballrachd a’ Chomuinn fosgailte do dhaoine aig a bheil ùidh ann an cultar na h-Alba. Leigear a-staigh don Chomuinn le fiathachadh bhon Chomhairle a-mhàin air neo an dèidh iarraidh air an Rùnaire.

11: Thèid cosgais ballrachd aontachadh leis a’ Chomhairle.

12: Faodaidh a’ Chomhairle teachd a-steach gu lèir a’ Chomuinn a chosg mar a chithear iomchaidh, ach cha tèid airgead a-mach gun aonta Comhairle Choitcheann a’ Chomuinn.

13: Cha ghabh atharrachadh do na riaghailtean seo ach aig Coinneamh Choitcheann a’ Chomuinn, agus feumaidh aonta a bhith ann le co-dhiù trì cairteal dhe na buill a bhios an làthair agus a’ bhòtadh. Feumaidh atharrachadh a thèid a mholadh a thoirt ann an cruth litreach don Rùnaire co-dhiù cò-latha-deug ron choinneimh far an tèid breithneachadh air, agus thèid an t-atharrachadh a tha air a mholadh ainmeachadh ann am Bràth-gairm na Coinneimh.

Ionmhasair agus Rùnaire Urramach
J Gordon Cameron WS
25 Rutland Street
Edinburgh EH1 2RN