Royal Celtic Society Arms

Comann Rìoghail Ceilteach

Fad dlùth ri 200 bliadhna tha an Comann Rìoghail Ceilteach air thoiseach san t-srìth gus taic a chumail ri cànan, litreachas, ceòl agus cultar na Gàidhealtachd ’s nan Eilean Siar. Tha an Comann a’ cumail thachartasan riaghailteach do na buill, a’ toirt seachad buinn air son feabhas an ceòl ’s an litreachas, agus a’ cuideachadh sreath farsaing de bhuidhnean a tha a’ cumail suas dualchas, cànan agus ealain na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.

 
  • 1
  • 2
  • 3
  • 4
  • 5
  • 6
  • 7

Chaidh an Comann Rìoghail Ceilteach a stèidheachadh ann an 1820 le Sir Bhàtar Scott, an Seanalair Dàibhidh Stiùbhart a’ Gharaidh agus buidheann de dhaoin’ uaisle Gàidhealach eile. Sann an Taigh-Seinnse Oman, glè fhaisg air Taigh nan Clàr, a bha ciad choinneamh a’ Chomainn.

Chaidh an Comann aithneachadh gu luath mar phrìomh luchd-brosnachaidh ’s luchd-glèidhidh dualchas na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Chluich e pàirt nach bu bheag anns a’ chuairt eachdraidheil a thug Rìgh Deòrsa IV air a’ cheannabhaile Albannach aige ann an 1822.

Bha prìomh àite aig a’ Chomann san aiseirigh Ghàidhealaich a thòisich tràth san 19mh linn. Bha pàirt aige ann a bhith a’ cur air adhart cànan, litreachas, dualchas agus cultar na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Chaidh siud aithneachadh an uair a bhuilich a’ Bhanrigh Bhictoria Cairt Rìoghail air.

Tha e cho cudromach an-diugh ’s a bha e an-dè a bhith a’ glèidheadh eachdraidh, cànan agus modhan ealain na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Tha buill a’ Chomainn Rìoghail Cheiltich ’nan daoine a tha dìleas gu bràth don amas sin. Tha an Comann a’ coileanadh an amais sin le bhith a’ toirt seachad dhuaisean air son feabhas anns na h-ealain agus tro phrògram de thabhartasan (bliadhnail agus aon uair) do gheamannan Gàidhealach, do dh’fhèisean ciùil, do bhuidhnean pìobaireachd agus clàrsaiche, do thaighean-tasgaidh dualchasach, do phròiseactan foghlaim (cròileagan Gàidhlig ’nam measg) agus do phròiseactan litreachais.

Nam bu toil leibh tabhartas airgid a thoirt do dh’obair a’ Chomainn Rìoghail Cheiltich, gliog an seo.

Buidhnean ris a Bheil Sinn a’ Cumail Taic

Urras Taigh-Tasgaidh Clann Mhuirich
Clàrsaichean Shalmhaigh
Comann Pìobaireachd Chinn Tìre
Cruinneachadh Earra-Ghàidheal
Còmhlan Pìoba Inbhir Lèithein
Pìobairean Pàirce Corberry
Còmhlan Pìoba Drochaid an Stuic
A’ Choinneamh a-Tuath
Fèis Sluaigh Moniaive
Sgoil Airm Ceòl-Pìoba ’s Drumaireachd Ghàidhealaich
Còmhlan Pìoba Òigridh Anainn
Geamannan Ghleann Fhionain
Còmhlan Pìoba Chille Chaoibrig
Comann Gàidhlig Dhùn Phris
Còmhlan Pìoba Cheann Phàdraig
Geamannan Uibhist a-Tuath
Clas Gàidhlig Bunsgoil Taobh na Pàirce