Royal Celtic Society Arms

Comann Rìoghail Ceilteach

Fad dlùth ri 200 bliadhna tha an Comann Rìoghail Ceilteach air thoiseach san t-srìth gus taic a chumail ri cànan, litreachas, ceòl agus cultar na Gàidhealtachd ’s nan Eilean Siar. Tha an Comann a’ cumail thachartasan riaghailteach do na buill, a’ toirt seachad buinn air son feabhas an ceòl ’s an litreachas, agus a’ cuideachadh sreath farsaing de bhuidhnean a tha a’ cumail suas dualchas, cànan agus ealain na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.

 
  • 1
  • 2
  • 3
  • 4
  • 5
  • 6
  • 7

Tha an Comann Rìoghail Ceilteach a’ toirt cuideachadh maoineachail do bhuidhnean, do thachartasan agus do ghnìomhan a tha a’ cumail taic ri amasan carthannach a’ Chomainn, no gan leasachadh.

Tha iad seo ri fhaotainn an dara cuid mar thabhartasan aon uair do phròiseact air leth, no gach bliadhna do phròiseactan leantainneach. Tha sùil as ùr air a toirt air tabhartasan bliadhnail a h-uile trì bhliadhna.

Ma tha pròiseact agaibh a tha sibh a’ smaoineachadh a gheibheadh buannachd ás a’ chuideachadh againn, nach sgrìobh sibh chun an Rùnaire le làn fhiosrachadh agus plana gnìomhachais. Dèanaibh soilleir dè am pàirt a tha sibh am beachd a ghabhadh an Comann ann. Ach roimhn a-sin nach dèan sibh cinnteach gu bheil a’ ghnìomhachd agaibh a rèir nan amasan a chuir sinn an cèill.

Bithibh mothachail gu bheil fèill mhòr air a leithid de chuideachadh agus nach eil ach cuid car beag de thagairtean a’ soirbheachadh. Tha cùram mòr air a ghabhail gus dèanamh cinnteach gu bheil tabhartasan a’ Chomainn air an toirt seachad far a bheil iad coltach, ann am barail na Comhairle, ris an diofar as motha a dhèanamh. Mar sin, cha bu chòir diùltadh sam bith a ghabhail mar bheachd air na tha sibh a’ moladh.

Tagradh Tabhartais

Invalid Input
Invalid Input
Invalid Input
Invalid Input
Invalid Input
Invalid Input
Invalid Input

Buidhnean ris a Bheil Sinn a’ Cumail Taic

Urras Taigh-Tasgaidh Clann Mhuirich
Clàrsaichean Shalmhaigh
Comann Pìobaireachd Chinn Tìre
Cruinneachadh Earra-Ghàidheal
Còmhlan Pìoba Inbhir Lèithein
Pìobairean Pàirce Corberry
Còmhlan Pìoba Drochaid an Stuic
A’ Choinneamh a-Tuath
Fèis Sluaigh Moniaive
Sgoil Airm Ceòl-Pìoba ’s Drumaireachd Ghàidhealaich
Còmhlan Pìoba Òigridh Anainn
Geamannan Ghleann Fhionain
Còmhlan Pìoba Chille Chaoibrig
Comann Gàidhlig Dhùn Phris
Còmhlan Pìoba Cheann Phàdraig
Geamannan Uibhist a-Tuath
Clas Gàidhlig Bunsgoil Taobh na Pàirce